Bann-leathann
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Bann-leathann airson Tiriodh

26 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha buidheann bann-leathann coimhearsnachd ann an Tiriodh an dòchas brath a ghabhail air teicneolas ùr fibre-optic a tha BT air a chur a sàs anns an eilean. Ged nach eil an t-seirbheis sin ri fhaighinn dhan a h-uile duine fhathast, tha a' bhuidheann airson a chleachdadh airson an t-seirbheis aca fhèin a leasachadh gus bann-leathann fìor luath fhaighinn gu barrachd dhaoine. Thathar cuideachd an dòchas gum bi na càballan fibre-optic na chuideachadh gus piseach a thoirt air seirbheis fòn-làimhe an eilein. Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.