Obair Chomann na Camanachd ga sanasachd

Pàirc a' Bhucht

Tha Comann na Camanachd air dreuchd àrd oifigeir na buidhne a shanasachd, is iad an dùil gum bi agallamhan ann aig deireadh na Damhair.

Dh'innis iad air a' mhìos seo chaidh gu bheil an àrd-oifigear a th' ann, Torcuil MacLeòid, a' fàgail a dhreuchd.

Chaidh Mgr MacLeòid a chur dhan obair ann an 2010.

Fàgaidh e aig deireadh an t-seusain seo san t-Samhain.

Thèid Mgr MacLeòid gu obair ùr aig VisitScotland.

Thuirt an Comann san Lùnasdal gun dèanadh iad sgrùdadh air obair an àrd-oifigeir.

Tha iad a-nise air an obair a shanasachd.

Tha tuarasdal a' tòiseachadh aig £35,000.

Thuirt an Comann gu bheil iad a' sireadh neach gus a' bhuidheann a stiùireadh, is iomain a leasachadh.

Bidh cothrom aig tagraichean cur a-steach 'son na h-obrach eadar seo is an 14mh den Damhair.

Tha Comann na Camanachd an dùil an uairsin gum bi agallamhan ann san t-seachdain mu dheireadh den Damhair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile