Atharrachadh dhotairean teaghlaich air fàire

  • Air fhoillseachadh
NHS na Gàidhealtachd

Thèid molaidhean mu choinneimh Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd airson an t-sèirbheis slàinte taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach ann an cuid de sgìrean atharrachadh.

Fo na planaichean cha bhi dotair teaghlaich ri fhaotainn tron oidhche ann an còig sgìrean iomallach den Ghàidhealtachd - Gleann Eilg, a' Chomraich, Loch an Inbhir, Armadal agus Tunga ann an Dùthaich MhicAoidh, agus Loch Alainn anns a' Mhorbhairne.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gum failich an t-seirbheis toabh a-muigh nan uairean àbhaisteach ann an ùine nach bith fada.

'S e dotairean locum a tha a' frithealadh a' mhòr-chuid de sgìrean.

Tha iad a-niste a' moladh cruth-atharrachadh ann an da-rìribh a thoirt air an t-seirbheis,

An àite nan dotairean teaghlaich sna còig sgìrean a chaidh ainmeachadh gu h-àrd, bidh dotair ri fhaotainn faisg air làimh - còrr 's 40 mìle air falbh ann an cuid de sgìrean.

Ach ann an ceàrnaidhean eile - gu h-àraid anns na bailtean 's e nursaichean agus luchd-obrach eile a bhios a' frithealadh baile Inbhir Nis, Inbhir Theòrsa, an Aghaidh Mhòr, Goillspidh, Taobh Siar Rois, Dùthaich MhicAoidh agus an Àird nam Murchan.

Tha grunn choimhearsnachdan a' cur às leth a' Bhùird gu bheil iad a' cur chosgaisean air thoiseach air beatha dhaoine.