Barraigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Seusan turasachd trang ann am Barraigh

27 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

B' e samhradh trang a bh' ann am Barraigh agus an àireamh luchd-turais air a dhol am meud.

Chuidich aiseag a h-uile là agus soitheach na bu mhotha leis an sin, còmhla ri grunn bhàtaichean luchd-turais agus dà itealan gach là.

Ach gu tric chan eil daoine a' cur seachad ach aon oidhche air an eilean - rud a dh'iarradh na tha an sàs ann an turasachd atharrachadh.

Tha an aithris seo aig Shona NicDhòmhnaill.