Dragh gun tèid HIE à bith

  • Air fhoillseachadh
Suaicheantas HIE

Dh'fhaodadh Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a bhith ann an cunnart a dhol à bith.

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' sgrùdadh dleastanas na buidhne agus dleastanas Iomairt na h-Alba.

Chaidh aithris gum faodadh an dà bhuidhinn a bhith air an toirt còmhla.

Tha cuid air a bhith a' càineadh HIE bho chionn ghoirid agus iad ag ràdh nach urrainn dhaibh an obair a dhèanamh le mar a tha an Riaghaltas Albannach air an luchd-obrach agus na buidseatan aca a ghearradh.

Thuirt fear-labhairt aig Riaghaltas na h-Alba gu bheil an sgrùdadh aca ag amas air piseach a thoirt air an t-seirbheis a bhios daoine a' faighinn bho bhuidhnean iomairt agus a' togail air cumhachdan nam buidhnean sin.

Thuirt e gun deadh beachd an Riaghaltais air an sgrùdadh fhoillseachadh an ceann greis.

Dragh

A' bruidhinn air Aithris na Maidne thuirt Cathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Alasdair MacLeòid, gun robh dragh air mun t-suidheachadh.

"Anns an fharsaingeachd 's e droch naidheachd dha-rìribh a tha seo nuair a smaoinicheas tu air ais air an obair fheumail a rinn HIE - chan e a-mhàin HIE ach a' dol air ais còrr is 50 bliadhna nuair a thòisich an HIDB - an obair a rinn iad sna coimhearsnachdan air feadh na Gàidhealteachd agus nan Eilean.

"'S e an t-eagal a th' oirnn a-nis 's e ma thèid a h-uile càil a chur ann an làmhan na h-iomairt ann an Glaschu no ann an Dùn Èideann gum bi an aon sgeulachd againn - gum bi sinn a' gnogadh air dorsan fada air falbh agus nach bi e cho furasta taic fhaighinn airson pròiseactan a bhios feumail dha na coimhearsnachd againn fhìn," thuirt e.