Dragh mun t-seirbheis dhotair-teaghlaich

Gleann Eilg Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha Gleann Eilg an measg nan àiteachan a chailleas an t-seibheis dhotair tron oidhche agus aig deireadh na seachdainn fo phlanaichean a' bhùird shlàinte.

Tha tè de chomhairlichean an taobh siar ag ràdh gu bheil feum NHS na Gàidhealtachd seirbheis shlàinte a cheart cho math a chumail ris na sgìrean iomallach sa tha sna bailtean, agus a bhith cinnteach nach tèid dìmeas a dheànamh air coimhearsnachdan a-muigh air an dùthaich.

Bha an comhairliche Audrey Nic na Ceàrdaich a' bruidhinn agus am bòrd slàinte ag aontachadh, ann am prionnsabal, nach bi dotairean teaghlaich ri'm faighinn air an oidhche neo aig deireadh na seachdainn ann an còig sgìrean iomallach tuilleadh.

Fo na planaichean cha bhi dotair-teaghlaich ri fhaotainn taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach ann an Gleann Eilg agus Arnasdal, air a' Chomraich, ann an Loch an Inbhir, Armadail, Tunga neo ann an Loch Àlainn.

Mhol am bòrd buidheann de "first responders" a chur na'n àite.

Dragh

Ann an cuid a shuidheachaidhean bhiodh an dotair as fhaisg air làimh corr is 40 mìle air falbh.

Mur a tèid atharrachaidhean a dhèanamh tha am bòrd-slàinte ag ràdh gum fàilig an t-seirbheis taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach ann an ùine nach bi fada.

Se dotairean locum a tha a' frithealadh a' mhòr-chuid de na sgìrean an-dràsta.

Ach tha dragh air a' chomhairliche Audrey Nic na Ceàrdaich nach obraich planaichean a' bhùird.

Thuirt i gur e briseadh dùil a bh'ann dhith agus gum biodh eagal air na coimhearsnachdan mu na planaichean.

"Tha mise a' smaoineachadh gun do rinn iad seo san òrdugh cheàrr.

"Bu chòir dhaibh a bhith air bruidhinn ris na coimhearsnachdan sa chiad àite agus cantail riudha gu bheil an siostam a' cleachdadh "first responders" neo "medical practitioner" mur tha agus gum bi iad-san ag obair ann an àiteachan eile.

"Bu chòir dhaibh a bhith a' sealltainn sin dha na coimhearsnachdan, ach an dràsta tha e dìreach a' cur eagal air na coimhearsnachdan," thuirt i.

Tha i ag ràdh cuideachd, ge-ta, gum bu chòir do shiostam sònraichte a bhith ann airson coimhearsnachdan leithid Ghleann Eilg agus na Comraich air sgàth cho iomallach agus diofraichte sa tha iad.

"Tha e cudthromach gum bi na coimhearsnachdan a' faireachdainn comhfhurtail agus sàbhailte," thuirt i.

Strì

Rinn muinntir Ghleann Eilg agus Arnasdail strì ann an 2012 airson dotair a chumail sa sgìre.

Bha Padruig Jones a tha a' fuireach ann an Gleann Eilg aig coinneamh a' bhùird shlàinte Dimàirt agus bha e na bhriseadh dùil dha gu robh a' choimhearsnachd a' cur an aon seòrsa argamaid air adhart a-rithist.

"Chaidh an co-dhunadh a rinnear ceithir bliadhna air ais an t-seirbheis a chumail aig an aon ìre a dhèanamh an dèidh dhan bhòrd sgrùdadh a dhèanamh air na cunnartan.

"Bha iad air coimhead ri buil an sgrùdaidh sin nuair a cho-dhùin iad an dotair a chumail ann an Gleann Eilg ceithir uairean fichead, seachd latha san t-seachdain.

"Tha sinne dhen bheachd nach eil càil air atharrachadh bhon uairsin agus le sin gum biodh e fhathast mì-shàbhailte càil nas lugha na dotair-teaghlaich neo neach-cùram proifeiseanta a bhith stèidhichte ann an Gleann Eilg 24/7," thuirt Mgr Jones.

Modalan ùra

Ann an sgìrean eile dhen Ghàidhealtachd, gu h-àraidh anns na bailtean, se buidheann de luchd-altruim agus luchd-obrach eile a bhios ag obair air an oidhche.

Tha grunn choimhearnsachdan a' cur às leth a' bhùird gu bheil iad a' cur cosgaisean air thoiseach air beatha dhaoine.

Chaidh cathraiche a' bhùird, Daibhidh Alston, às àicheadh sin ag ràdh gu bheil iad a' fàiligeadh choimhearsnachdan ma tha iad a' dèanamh a-mach gun urrainn dhaibh leantainn le modalan nach eil seasmhach.

"Bhiodh coimhearsnachdan air am brathadh nan dèanamh sinn sin.

"Tha sinn a' cur feum air modalan ùra airson an àm ri teachd," thuirt e.

Gheall am bòrd slàinte feart a thoirt air beachdan an t-sluaigh ach le aon choimhearsnachd mur tha ag innse dhaibh nach eil iad airson 's gun atharraich an t-seirbheis dhotair tron oidhche, se a' cheist an èist am bòrd riudha neo an tèid cuir às dhan t-seirbheis air a' cheann thall.

Tuilleadh air an sgeulachd seo