Moladh gum fàg Fear-gairm a dhreuchd

  • Air fhoillseachadh
BBC
Fo-thiotal an deilbh,
Cha tuirt Cailean Ceannadach càil nuair a dh'fhàg e a' choinneamh ann am Brùra.

Ghabh coinneamh Choimisean na Croitearachd ann am Brùra ri moladh ag iarraidh air Fear-gairm a' Chomisein, Cailean Ceannadach, a dhreuchd fhàgail.

Thabhann an Coimisean cuideachd an leisgeul airson na dòigh a làimhsich iad buaireadh le comataidhean ionaltraidh.

Bha ùpraid aig a' choinneimh na bu tràithe air a' mhadainn nuair a choisich an cathraiche a-mach.

Bha Cailean Ceannadach a' diùltadh dha Coimiseanair nan Eilean Siar, Murchadh MacIllinnein, leigeil leis tarraing air ais bho chlàradh gun robh ceangal aigesan ris an deasbad ann an Col Uarach agus Mangarstadh.

Nuair a dh'innis oifigich do Mhgr Ceannadach gum feumadh e gabhail ri iarrtas Mhgr MhicIllinnein, dhùin e a' choinneamh agus choisich e a-mach.

Nuair a dh'fhàg e dhiult e bruidhinn ri fear-naidheachd bho roinn naidheachdan Gàidhlig a' BhBC.

Chuirear a' choinneamh air adhart às aonais.

An t-seachdain seo chaidh dh'iarr Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, air a' Choimisean an t-seasamh aca air comataidhean ionaltraidh atharrachadh agus leisgeul a thabhann do choimhearsnachdan croitearachd.

"Tha sinn duilich"

Chaidh an leisgeul sin a leughadh a-mach aig a' choinneimh an-diugh.

Thuirt an Coimisean gun robh iad duilich mun dòigh a làimhsich iad cùisean le comataidhean ionaltraidh bho chionn ghoirid.

"Tha an Coimisean air a bhith a' beachdachadh air trì chùisean gun samhail fo earrann 47(8) de Achd na Croitearachd, agus chaidh comataidhean a chur a-mach à oifis ri linn sin.

"Thàinig droch bhuil às na co-dh`unaidhean a rinn an Coimisean.

"Cha do chuidich na rinn sinn sna cùisean sin coimhearsnachdan ann a bhith ag obair còmhla ri chèile airson maith chroitearachd, 's dòcha fiù 's gun tug e droch bhuaidh air coimhearsnachdan croitearachd.

"Tha an Coimisean a' gabhail ris gu bheil na co-dhùnaidhean a rinn sinn bho chionn ghoirid air mì-chinnt agus iomagain adhbhrachadh, chan ann a-mhàin dha na trì coimhearsnachdan a bha an sàs sa chùis ach do chroitearan air fad, agus tha sinn duilich mun sin," thuirt an Coimisean.