Fear-Gairm a' coiseachd a-mach
- Air fhoillseachadh

Chaidh coinneamh de Choimisean na Croitearachd ann am Brùra Diciadain a dhùnadh tràth.
Dhiùlt Fear-Gairm a' Choimisein, Cailean Ceannadach, gabhail ri iarrtas o Choimiseanair nan Eilean Siar, Murchadh MacillInnein, cur às do chlàr gun robh ceangal aigesan ris na suidheachaidhean connspaideach ann an Col Uarach agus Mangurstadh ann an Leòdhas.
Nuair a dh'innis oifigich gum feumadh e gabhail ris an iarrtas, dhùin Mgr Ceannadach a' choinneamh agus choisich e a-mach.
Dhiùlt e bruidhinn ris a' BhBC.
Tha a' choinneamh air tòiseachadh a-rithist agus e coltach gu bheil iad a' deasbad, am measg rudan eile, dà litir a tha ag iarraidh air Cailean Ceannadach a dhreuchd fhàgail.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh28 An t-Sultain 2016