Caideat a' tighinn dhachaigh

Ruairidh Hanna
Image caption Tha Ruairidh Hanna air a bhith còmhla ri ceathrar caideatan Albannach eile air bòrd an t-soithich bho chaidh a' chompanaidh Hanjin ann an rianachd deireadh an Lùnastail.

Thuirt màthair chaideat sa chabhlach mharsanta bhon Ghàidhealtachd a th' air a bhith glacte air soitheach bathair ann am Muir Shìona a Deas gu bheil i gu math toilichte gun deach leigeil leis a' bhàta a dhol gu port.

Cheangail an Hanjin Louisiana ri doc ann an Singapore goirid ro 08:00m Diciadain.

Tha Ruairidh Hanna, a tha 22 agus a bhuineas don Mhanachainn, air fear de cheathrar chaideatan Albannach, à Colaiste Bhaile Ghlaschu, a bha air bòrd.

Tha iad air a bhith glacte air bòrd bho chaidh a' chompanaidh Hanjin banca-briste na bu thràithe den mhìos.

Cha robh puirt air feadh an t-saoghail deònach leigeil leis a' bhàta ceangal air eagal 's nach fhaigheadh iad cìsean bhon chompanaidh.

"'S e faochadh mòr dha-rìribh a th' ann, oir bha dragh mòr oirnn mu dheidhinn cho fada 's a bha dùil gum biodh iad aig muir," thuirt màthair Ruairidh, Rhona NicillInnein.

"Bha dùil gun deadh an toirt air ais a Bhreatainn air an 2na là den t-Sultain, agus an uairsin chaidh companaidh bhathair Hanjin ann an rianachd air an 30mh den Lùnastal.

"Chaidh a h-uile rud a chur dheth.

"Ach an t-seachdain seo fhuair mi post-d bho Ruairidh a ràdh gun deach ticeadan itealain a chur air dòigh à Singapore gu ruige Breatainn, agus shoilleirich e sin an-dè, a ràdh gun ruig e Breatainn 11:30m Diardaoin," thuirt i.