Freagairt air suidheachadh a' bhathair
- Air fhoillseachadh

Thug Caledonian Mac a' Bhriuthain freagairt do dh'iarrtas 'son bàta-aiseig nas motha ir an t-slighe eadar Ùige agus Loch nam Madadh airson dèiligeadh ri luchdan làraidh aig cidhe Ùige.
Cha ghabh an MV Lord of the Isles, a thèid an àite an MV Hebrides aig an robh tubaist Là na Sàbaid, uiread de làraidhean ri soithichean eile.
Thuirt Tormod MacAsgaill, aig a bheil gnìomhachas bathair, gum bu chòir bàta nas motha a bhith air a chur ann airson là no dhà gus an tèid dèiligeadh ris na chaidh fhàgail de stuth ann an Ùige.
Thuirt CalMac Diciadain gu bheil iad air bruidhinn ri Mgr MacAsgaill agus ri luchd-bathair eile sna h-eileanan.
"Tha sinne a' ruith seirbheis riatanaich, agus tha sinn gu math eòlach air na tha sin a' ciallachadh a thaobh gluasad bathair agus stuic gach cuid gu luchd-tarraing agus, nas fharsainne, na coimhearsnachdan a tha iadsan agus sinne a' frithealadh," thuirt a' chompanaidh.
"Tha sinn a' gabhail bheachdan gu farsainn bho na companaidhean bathair air a bheil an suidheachadh seo a' toirt buaidh, agus tha sinn a' tuigsinn an dragh a th' orra, ' gabhail a-steach cuideim agus dè na soithichean a tha freagarrach.
"Bidh sinn ag obair còmhla riuthasan an còmhnaidh, agus le iarrtasan nas fharsainne on choimhearsnachd gus gnothaichean a chur air dòigh cho math 's a ghabhas mu choinneimh suidheachaidh èiginnich sam bith - 's e sin an-dràsta gu bheil an MV Hebrides air a cur a-mach à seirbheis gun dùil.
"Tha an luchd-tarraing ag aithneachadh agus a' tuigsinn an t-suidheachaidh loidsitigeach a th' againn, agus tha, sa bhitheantas, gach cuid taic agus foighdinn ann. Tha sinn taingeil airson seo. "Tha iad cuideachd a' gabhail ris gun do chuir droch shìde ri suidheachadh a bha gu math dùbhlannach mar thà.
"Tha sinn air a bhith a' bruidhinn ri Mgr MacAsgaill, asus a cho-luchd-tarraing anns na h-Eileanan Siar, air bheil seo a' toirt buaidh.
"Mar a tha iadsan, tha sinne cuideachd draghail mu leantainneachd ann an solar stuthan-bìdh, fodair agus stuic, agus tha sinn ag obair gun sgìths gus dèiligeadh ris na th' air cruinneachadh aig na puirt.
"Tha sinn an-dràsta a' feuchainn ri seibrheis eadar-amail a chumail a' dol ann an suidheachadh gu math doirbh fhad 's a nì sinn plana nas fhreagarraiche," thuirt iad.
Tha dùil ri brath mu phlanaichean Chal Mac feasgar Diciadain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An t-Sultain 2016