Beò fhathast

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Co-labhairt nan Làbarach

Aig a' cheann-thall fhuair Kezia Dugdale na bha i ag iarraidh bho cho-labhairt nan Làbarach.

A dh'aindeoin dragh aig na h-aonaidhean ciùird gum bu chòir ball Albannach an NEC a thaghadh, agus iomagain aig luchd-taic Jeremy Corbyn gun deigheadh làmh a' cheannard a lagachadh, bhòt am pàrtaidh gus tuilleadh smachd a thoirt do na Làbaraich Albannach air an gnothaichean aca fhèin.

Tha Kezia Dugdale a-nis air a cur fhèin air an NEC agus tha dùil rithe air ais aig Holyrood airson bhòt fhathast.

Bidh làn smachd aig a' phàrtaidh Albannach a-nis air taghadh thagraichean airson Westminster, rud nach robh aig Johann Lamont nuair a bha a' chonnspaid a' dol anns an Eaglais Bhric.

Agus bidh smachd aca air na polasaidhean aca fhèin, an dà chuid airson chùisean a tha fo smachd Holyrood agus rudan a tha glèidhte aig Westminster.

B' e rabhadh Iain Mhoirich gun deigheadh am marbhadh mura gabhadh ri seo. Tha iad beò fhathast - ann an dòchas.