Cailean Ceanadach
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cuideam air Fear-gairm Choimisean na Croitearachd

28 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bhòt Coimisean na Croitearachd gu h-aona-ghuthach iarraidh air Fear-gairm a' Choimisein, Cailean Ceanadach, a dhreuchd fhàgail.

Thàinig seo às dèidh dhaibh brath foirmeil a chuir a-mach - ag ràdh gun robh iad duilich mun dòigh anns an do dhèilig iad ris a' bhuaireadh mu chomataidhean ionaltraidh.

Choisich Cailean Ceanadach a-mach às a' choinneimh sa mhadainn.

Tha an aithris seo aig Dòmhnall MacLaomainn.