Dìth sheirbheis smàlaidh an Cataibh

  • Air fhoillseachadh
Sgioba smàlaidhTùs an deilbh, Petty Officer 2nd Class (PH2) Ch

Chan eil seirbheis smàlaidh idir ann an Loch an Inbhir an Cataibh an-dràsta.

Tha àireamhan bho Sheirbheis Smàlaidh na h-Alba cuideachd a' sealltainn gu bheil duilgheadasan le seirbheisean sa Bhlàran Odhar.

Chan eil ach sianar luchd-smàlaidh aca an sin - agus bu chòir 20 a bhith san sgioba.

Tha an carbad-smàlaidh as fhaisge air Loch an Inbhir suidhichte ann an Ulapul - a tha mu uair de thìde air falbh.

Ma bhios teine anns a' Bhlàran Odhar, feumaidh sgioba smàlaidh tighinn à Inbhir Theòrsa ann an Gallaibh.

Cunnart

Tha dragh mòr air fear de chomhairlichean Ghallaibh mun t-suidheachadh.

Thuirt Mata Reiss gum feum an t-seirbheis smàlaidh oidhirp a bharrachd a dhèanamh airson daoine fhastadh.

Thuirt e cuideachd gu bheil beatha dhaoine a-nis ann an cunnart.

Tha an àireamh theintean a chaidh a lasadh a dh'aona-ghnothaich ann an sgìre na Gàidhealtachd aig an ìre as ìsle ann an 5 bliadhna.