Conastabal Chuil Uaraich a' falbh
- Air fhoillseachadh

Dhearbh Coimisean na Croitearachd Diardaoin gu bheil iad air sgrìobhadh gu comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich ann an Leòdhas a dh'innse dhaibh gum bi an conastabal a' falbh às an dreuchd cho luath 's a ghabhas.
Thuirt iad gun robh seo an dèidh aithisg bhon chonastabal, Cailean Soutar, air an deach beachdachadh aig coinneimh shònraichte Diciadain.
Thèid an aithisg cuideachd a sgaoileadh am measg bhall ionaltraidh Chuil Uaraich.
Tha mòran chonnspaid air a bhith a' cuairteachadh mar a chaidh an conastabal fhastadh anns a' chiad dol-a-mach agus mar a làimhsich an Coimisean a' chùis.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An t-Sultain 2016