Obair a' dol gus clàr fhaighinn air an t-soitheach ghluasaid

Loch a Tuath

Thòisich obair madainn Dihaoine gus an clàr-ola a th' anns an Loch a Tuath an Leòdhas a ghluasad chun an t-soithich a bhios ga ghiùlain dhan Tuirc.

Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich gun deach deagh adhartas a dhèanamh san obair ullachaidh airson fhaighinn air bòrd an Hawk.

Chaidh an Transocean Winner air tìr air cladach Dhail Mòir fàsig air Càrlabhagh san Lùnastal fhad 's a bhathar ga shlaodadh bho Nirribhidh.

Anns na seachdainnean mu dheireadh, chaidh an clàr a' shlaodadh dhan Loch a Tuath à Dail Mòr.

Thuirt an MCA gum faodadh an Transocean Winner a bhith air bòrd an Hawk taobh a-staigh 24 uairean.

Tha deagh aimsir riatanach airson soirbheachas na h-iomairt.

Aon uair 's gum bi an Transocean Winner air bòrd an t-soithich, thèid a sheòladh dhan Tuirc, far an tèid an clàr a thoirt às a chèile.