Bann-leathann nan Eilean Siar air dheireadh
- Air fhoillseachadh

'S iad na h-Eileanan an Iar an aon sgìre far nach tèid an targaid airson a bhith a' sgaoileadh bann-leathainn fìor-luath a choileanadh ro dheireadh na bliadhna.
Tha BT agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean an dòchas gun tèid aca air seirbheis nas luaithe fhaighinn gu 70% de thaighean agus gnìomhachasan nan eilean ron Bhliadhna Ùir - 5% fon targaid a chaidh ainmeachadh leis an sgeama, Bann Leathainn Fìor-Luath Airson Sgìrean Dùthchail.
"Ma tha am prògram seo gu bhith soirbheachail feumaidh e ruighinn a h-uile coimhearsnachd iomallach 's a h-uile dachaigh 's a h-uile gnìomhachas a tha feumach air," thuirt Iar-Chathraiche Comataidh an Leasachaidh Mhaireannaich aig Comhairle nan Eilean Siar, Dòmhnall Crichton.
"Tha tòrr ionmhais phoblaich air a chur a-steach dhan phrògram a tha seo 's feumaidh sinn dèanamh cinnteach gu bheil e a' dol a dh'obrachadh.
"Tha sinn gu bhith a' sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba a' cur nan draghan a tha sin thuca, agus sinn an dòchas gum faigh sinn dearbhadh air ais gu bheil iad a' dol a chuideachadh 's a dhèanamh cinnteach gu bheil am bann-leathann a tha seo a' dol a choinneachadh nan targaidean a chaidh a chur a-mach dha," thuirt e.