Uidheam sgrùdaidh ga iarraidh

  • Air fhoillseachadh
Soidhne tubaiste nam Poileas

Dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd air Poilis na h-Alba gum bi an uidheamachd aig na Poilis ann an Loch Abar airson dèiligeadh ri tubaistean rathaid.

Tha an naidheachd a' tighinn agus am prìomh rathad, an A82, dùinte fad seachd uairean de thìde tuath air a' Ghearasdan air a' mhìos a chaidh seachad nuair a chaidh fear air baidhseagal a mharbhadh.

'S iad sluagh agus comhairlichean na sgìre a dh'iarr gun deadh an uidheamachd a thoirt do na poilis ann an Loch Abar a bhios a'dèiligeadh ri tubaistean rathaid.

An-dràsta tha an uidheamachd ann an Inbhir Pheofharain - còrr 's 70 mìle air falbh.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-niste ag iarraidh air Poilis na h-Alba gum bi uidheamachd an dà chuid an Inbhir Pheofharain agus an Loch Abar.

Thuirt fear de chomhairlichean Loch Abar gun dèanadh sin diofar mòr agus nach biodh dàil cho mòr air an luchd-siubhail.

Thuirt an Comh. Anndra Bacastair cuideachd gun do gheall Poilis na h-Alba o chionn bhliadhnaichean gum biodh an leithid san sgìre.