Casg crìche do mhàthair às Inbhir Pheofharain

Gloria NicLeòid agus na h-igheanan aice Image copyright Iain Ferguson

Dh'fhaodadh gun tèid bana-Ìnnseanach a thoirt air falbh bhon chloinn aice a th' anns a' bhun-sgoil an Inbhir Pheofharain ri linn duilgheadas leis a' bhìosa aice.

Dh'fhaodadh Gloria NicLeòid, a tha pòsta aig Albannach a tha ag obair an Dubai, a bhith air a cur a-mach à Breatainn Disathairne.

Thill an cupal a dh'Inbir Pheofharain - baile dùthchais an duine aig Gloria, Raibeart - san Iuchar.

Thuirt Oifis na Dùthcha ge-tà, gum feumadh i iarrtas a chur a-steach gu pearsanta ann an Dubai airson fuireach am Breatainn san ùine fhada.

An dèidh dhi tilleadh a dh'Alba Diciadain 's i air sin a dhèanamh, cha deach leigeil leatha tighinn tarsainn na crìche aig Port-adhair Inbhir Nis, agus chaidh a cead-siubhail a thoirt air falbh.

Thuirt BP na sgìre aice, Iain Blackford, gun do chuir a sgeulachd iongnadh mòr air, agus tha e ag obair le Oifis na Dùthcha, a tha a' beachdachadh air a cùis.

Nan deadh a cur a-mach às an dùthaich, dh'fheumadh na h-igheanan aice a bhith air an cur fo chùram an seanar 's an seanmhar, a tha suas ann am bliadhnaichean, agus an duine aice ag obair thall-thairis.

Chaidh cead sealadach a thoirt don Bh.Ph. NicLeòid fuireach ann am Breatainn, ach tha sin a' tighinn gu crìch Disathairne 1mh an Damhair.