Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An t-Sultain 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Carbadan-Eiridinn

Nì Seirbheis Charbad-Eiridinn na h-Alba deuchainn air siostam ùr airson dèiligeadh ri gairm-èiginn 999. Bidh an siostam pìleat a' toirt prìomhachais às ùr do chuid de chùisean agus a' lùghdachadh chùisean eile gus am bi tuilleadh ùine aig luchd-eiridinn dèiligeadh riutha. Tha an t-Seirbheis ag ràdh gun glèidh seo beatha agus gun toir e cùram nas fheàrr do dh'euslaintich. Tha deuchainn den aon sheòrsa ann an Sasainn agus anns a' Chuimrigh mu thràth.

Shimon Peres

Thuirt an Ceann-Suidhe Obama gur e Shimon Peres, a bha na Cheann-Suidhe agus na Phrìomhaire ann an Israel, fear de na daoine as motha a thug buaidh air an 20mh Linn. Bha Ceann-Suidhe nan Stàitean Aonaichte am measg cheannardan an t-saoghail agus riochdairean eadar-nàiseanta eile a chruinnich aig an tiodhlacadh ann an Ierusalem an-diugh. Chaochail Mgr Peres, a bha 93 bliadhna de dh'aois, Diciadain.

Deutsche Bank

Thuit luach nan earrannan ann an Deutsche Bank gu luath an-diugh an dèidh aithrisean gu bheil cuid den luchd-tasgaidh as motha a' tarraing an cuid airgid. Tha na Stàitean Aonaichte ag ullachadh airson càin cho mòr ri $14bn a chur air a' bhanca Ghearmailteach mun dòigh anns an robh iad a' reic iasadan.

Europol

Tha Rùnaire Ceartais na h-Alba, Mìcheal MacMhathain, aig prìomh oifisean Europol anns an Òlaind agus dragh ann an dèidh bhòt Brexit mu àite na Rìoghachd Aonaichte anns a' bhuidhinn a tha a' strì an aghaidh eucoir. Dh'iarr Mgr MacMhathain air Rùnaire na Dùthcha, Amber Rudd, cùmhnantan ùra aontachadh ro dheireadh na bliadhna. Thuirt ise gu bheil i ag iarraidh àite a ghlèidheadh do Bhreatainn aig ìre air choreigin ann an Europol.

Bann-leathann

'S iad na h-Eileanan an Iar an aon sgìre far nach tèid an targaid airson bann-leathann fìor-luath a choileanadh ro dheireadh na bliadhna. Tha BT agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean ag ràdh gu bheil iad air seirbheis nas luaithe a chur gu faisg air dàrna leth taighean agus gnìomhachas nan eilean, agus gu bheil iad an dòchas gun èirich sin gu 70% ron Bhliadhn' Ùir. Ach fiù 's aig sin bhiodh iad fhathast 5% goirid air na chuir iad romhpa.

Clàr-ola

Tha oidhirp ga dèanamh an-diugh air an clàr-ola Transocean Winner a thogail agus a chur air soitheach eile. Tha faisg air dà mhìos ann bho chaidh an clàr air tìr ann an stoirm air taobh siar Leòdhais agus chaidh ullachadh an uairsin anns an Loch a Tuath ann an Leòdhas airson an clàr a thoirt gu bristeadh san Tuirc.

Eric Black

Chaidh Eric Black, seann chluicheadair Obar Dheathain, a thogadh air Taobh Sear Rois 's a tha a-nist na leas-mhanaidsear aig Southampton, às àicheadh gun tug e seachad comhairle air brìoban ann am ball-coise. Chlàr an Daily Telegraph Eric Black agus iad a' fàgail air gun tug e seachad fiosrachadh mu luchd-obrach aig clubaichean eile a bhiodh deònach fiosrachadh a reic mu chluicheadairean. Tha pàigheadh den t-seòrsa sin an aghaidh riaghailtean an FA.