Iomairt an Transocean Winner a stad

Loch a Tuath

Chaidh stad a chuir air oidhirpean an clàr ola an Transocean Winner a ghluasad a dh' ionnsaigh an t-soithich gluasaid a Hawk madainn Disathairne.

Tha an clàr air a bhith san Loch a Tuath ann an Leòdhas bho chaidh a ghluasad an sin à Dàil Mòr.

Bha droch shuailichean air bacadh a chuir air an iomairt Dihaoine.

Chaidh aithris nach robh am muir freagarrach Disathairne a bharrachd.

Tha dùil aig oifigich coinneachadh Disathairne gus beachdachadh air an t-slighe air adhart.

Chaidh an Transocean Winner air na creagan aig Dàil Mòr faisg air Càrlabhagh san Lùnastal.

Bhathar ga shlaodadh à Nirribhidh dhan an Tuirc gus an deadh a bhriseadh às a chèile nuair a thàinig e gu tìr an Leòdhas.