Clàr fhathast san Loch a Tuath

Loch a Tuath

Tha an clàr-ola Transocean Winner fhathast anns an Loch a Tuath an Leòdhas, agus tha coltas ann gum faodadh i a bhith ann greis.

Dh'fhailich air oidhirp an clàr a chur air bòrd a' bhàta ghiùlain shònraichte, an Hawk, air an deireadh-sheachdain leis cho mòr sa bha na suailean bho thuath.

Tha luchd-saoraidh a-nise a' coimhead dè na roghainean eile th' aca, ged a tha iad dol a chumail a' bhàta mhòir gun fhios nach fhaigh iad cothrom eile.

Thuirt Riochdaire an Riaghaltais, Uisdean Seathach gur dòcha gum feum iad beachdachadh air an clàr a shlaodadh a dh'aiteigin far a bheil a' mhuir nas socaire, 's dòcha fear de na lochan mara air costa an iar Tìr-Mòr.

Tuilleadh air an sgeulachd seo