Sreapadair air bàsachadh

Heileacoptair nam Maor-Cladaich Image copyright MCA

Bhàsaich fireannach, 21, an dèidh dha tuiteam 's e a sreap air Aonach Mòr an Loch Abar.

Bha an duine, a bhuineadh do Bhaile Eilidh ann an Earra-Ghàidheal, air a bhith a' sreap le caraid sa Ghil an Ear.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn aig 3:30f Didòmhnaich.

Chaidh Sgioba Teasairginn Bheanntan Loch Abair agus heileacoptair nam Maor-Cladaich a chur dhan làraich.

Thuirt na Poilis gun deach an duine, a dh'ainmich iad mar Keiran Shaw, a thogail a dh'Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearasdan, ach gun do bhàsaich e.