Dàil ann an cùis bhìosa

Gloria NicLeòid agus na h-igheanan aice Image copyright Iain Ferguson

Chaidh bean seann shaighdeir san Fhreiceadan Dubh a ghairm gu coinneamh le oifigich Seirbheis Inimreachd na dùthcha aig port adhair Obar Dheathain air an 13mh den Dàmhair.

Chaidh Gloria NicLeòid, a rugadh anns na h-Ìnnseachan, a chur an grèim aig Port-adhair Inbhir Nis an t-seachdain seo chaidh, 's cead a dhiùltadh dhi a-steach dhan dùthaich.

Tha an duine aice, a bhuineas do dh'Inbhir Pheofharain, ag obair ann an Dubai mar mhanaidsear tèarainteachd.

Tha bhìosa deich bliadhna aig a' Bh.Ph. NicLeòid, a thig gu ceann ann an 2019, agus a leigeas leatha fuireach am Breatainn suas ri sia mìosan aig aon àm.

Cho-dhùin an cupal gluasad a dh'Inbhir Pheofharain, far a bheil dithis nighean òg aca san sgoil, an dèidh dhaibh a bhith a' fuireach thall-thairis grunn bhliadhnaichean.

'S iad saorannaich Bhreatannach a th' anns an dithis chloinne.

Ach chaidh innse don Bh.Ph. NicLeòid gum feumadh i iarrtas a chur a-steach gu pearsanta ann an Dubai airson a' bhìosa cheart a bha a dhìth oirre airson fuireach ann am Breatainn san ùine fhada.

Nuair a bha i a' tilleadh an dèidh dhi sin a dhèanamh, chaidh a stad aig a' chrìch aig Port-adhair Inbhir Nis, agus a cead-siubhail Ìnnseanach a thoirt bhuaipe.

Thugadh cead sealadach dhi airson a bhith a' coimhead às dèidh a dithis chloinne, ach chaidh innse dhi Disathairne gum feum i coinneachadh ri oifigich bho sheirbheis Inimreachd na dùthcha.

Chan eil e soilleir carson a tha ceist mu choinneimh a' bhìosa aice, agus tha BP na sgìre aice, Iain Blackford, air a chùis a thogail le Oifis na Dùthcha.

Tuilleadh air an sgeulachd seo