Port-adhair an ceann dà bhliadhna

Raon-laighe an Eilein Sgitheanaich

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gum faodadh gum bi port-adhair ùr air a thogail san Eilean Sgitheanach an ceann dà bhliadhna ma thèid planaichean gus barrachd phlèanaichean a ruith eadar an t-eilean agus Glaschu a leasachadh.

Chuir comhairlichean an taic ri ro-shealladh air dreach deireannach cùis-ghnothachais na sgeama.

Bha Loganair a' ruith sheirbheisean eadar raon-laighe Aiseig, faisg air an Ath Leathann, gu 1988. Bidh a' chompanaidh Loch Lomond Seaplanes fhathast a' cleachdadh an raoin-laighe aig amannan.

Feumaidh a' bhuidheann Còmhdhail Alba a-niste beachdacahdh air an sgeama.

Cosgaiseann is Buanachdan

Tha Comhairle na Gàidhealtachd, Hitrans agus Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean air a bhith a' rannsachadh co-dhiù ghabhadh seirbheisean coimearsalta stèidheachadh dhan phort-adhair.

Thathas a' cumail a-mach gun toireadh am pròiseact buanachdan eaconamach don eilean, agus don Ghàidhealtachd san fharsainneachd.

Thathas a' tomhas gum biodh seirbheisean adhair luach eadar £36m agus £46m thairis air 30 bliadhna, a rèir meud nan itealan.

Chaidh an raon-laighe a thogail sna 1970an le luchd-einnsinìridh an Airm, agus tha e a' nochdadh aig toiseach an fhiolm Flash Gordon.

Tha e fhathast fosgailte do na seirbheisean èiginn agus do sheirbheisean choimearsalta clàraichte.

Thuirt cathraiche Comataidh an Eilein Sgitheanaich is Ratharsair aig Comhairle na Gàidhealtachd, Drew Millar: "'S e aithisg gu math brosnachail a tha seo.

"Bheireadh seirbheisean adhair a bhith air an ath-stèidheachadh dhan Eilean Sgitheanach buanachdan mòra don eaconamaidh ionadail againn, agus tha an coimeas a rinnead eadar cosgais agus buanachd a' sealltainn sin gu soilleir.

"Bu mhath leam taing a thoirt do dh'oifigich na Comhairle, agus compartaichean aig Hitrans agus HIE airson a' chùis ghnothachais seo ullachadh, agus airson cùisean a thoirt air adhart gu mòr."

Chuir a' bhuidheann iomairt FlySkye fàilte air an aithisg.

"Chuir am fiosrachadh nas fharsainne mu bhuanachdan na sgeama a chaidh a nochdadh san aithisg seo gu mòr ris an argamaid airson seirbheisean adhair ath-stèidheachadh," thuirt Boyd Robasdan, bhon bhuidhinn.

"Gu h-àraid leis a' mholadh gun gabh na cosgaisean a lùghdachadh le a bhith a' cleachdadh Phròiseasan Teannaidh Ionnstramaid stèidhichte air Siostam Iùil Saideil na Cruinne (GNSS).

"Tha an coimeas a rinneadh eadar cosgaisean agus buanachdan gu sònraichte a' cur ris an argamaid."