Iomairt NHS SOS a' leantainn

Ospadal Phort Rìgh Image copyright Richard Dorrell / Geograph
Image caption Tha dragh air luchd-iomairt gum fulaing seirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an eilein

Tha a' bhuidheann-iomairt NHS SOS ag ràdh gun cùm iad orra a' strì airson sgrùdadh neo-eisimileach fhaighinn air leasachadh sheirbheisean ospadail anns an Eilean Sgitheanach.

Tha dragh air luchd-iomairt gum fulaing seirbheisean slàinte ann an ceann a tuath an eilein ma thèid Ospadal Phort Rìgh a dhèanamh na ionad meidigeach gun leapannan.

'S ann anns an Ath Leathann a thathas an dùil an t-ospadal ùr a thogail.

Tha Comataidh nan Ath-chuingean Poblach ann am Pàrlamaid na h-Alba air a ràdh gun iarr iad air an Riaghaltas beachdachadh air panail sgrùdaidh neo-eisimealach a' stèidheachadh.

Bha seo às dèidh don bhuidhinn-iomairt aithisg a chur air beulaibh na comataidh.

"Strì"

Chùm a' bhuidheann coinneamh Diluain far an do dh'aontaich iad an iomairt aca a chumail a' dol 's iad an dùil coinneachadh ri luchd-poileataigs na sgìre a dh'aithghearr.

Thuirt Neilian Mhoireach bhon bhuidhinn gu bheil iad airson feumalachdan sònraichte sgìrean iomallach an eilein a thoirt gu aire dhaoine.

"Bu toil leinn coinneamh a chur air dòigh feuch am faic iad cò ris a tha e coltach a bhith beò ann an àitean iomallach agus gun taic a bhith faisg ort a thaobh do shlàinte."

Tha a' bhuidheann-iomairt cuideachd ag ràdh gu bheil na tha an t-Eilean Sgitheanach a' tàladh de luchd-turais - 's mòran dhiubh a' coiseachd neo a' sreap - a' ciallachadh gu bheil e riatanach gun tèid goireasan èiginn a ghlèidheadh ann an Ospadal Phort Rìgh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile