"Bacadh" air obair an iasgaich

Iasg
Image caption Tha Donnchadh MacAonghais ag iarraidh gun tèid sùil eile a thoirt air na riaghailtean

Tha Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar ag iarraidh air Riaghaltas Bhreatainn sùil eile a thoirt air riaghailtean a tha a' cur stad air iasgairean à tìrean cèine bho bhith a' faighinn cosnaidh anns na h-Eileanan.

Nochd dragh bho chionn beagan sheachdainnean nach fhaigh cuid de bhàtaichean air a dhol gu muir idir air sgàth gainnead chriutha.

Tha riaghailtean inimreachais a' cur stad air iasgairean bho thaobh a-muigh na Roinn Eòrpa bho bhith ag obair nas lugha na dusan mìle an iar air na h-Eileanan.

Buaidh eaconamach

Tha Donnchadh MacAonghais ag ràdh gu bheil na riaghailtean a' cur maill air eaconamaidh nan Eilean - àite a tha a' strì ri crìonadh sluaigh.

Tha e ag ràdh gum bu chòir cothrom a bhith aig iasgairean à tìrean cèine air bhìosa airson ùine ghoirid agus gum faod iad an uair sin tilleadh dhachaigh.

"Chan ann airson a thighinn a-steach an seo 's gun iad a bhith ag obair idir a tha iad gan iarraidh ach airson a bhith ag obair agus a' dèanamh feum dhan eaconamaidh".

'S ann a tha an Riaghaltas a' call chìsean, tha e ag ràdh, seach gu bheil na bàtaichean nan tàmh.

Thog Buidheann nan Crìochan dragh ge-tà, nach biodh luchd-obrach à dùthchannan cèine airson tilleadh dhachaigh nuair a thigeadh an obair aca gu ceann.