Dragh mu chraobhan daraich

Soidhne
Image caption Bidh coinneamh phoblach ann Dimàirt a bhruidhinn mu na draghan

Thèid coinneamh phoblach a chumail ann an Inbhir Nis Dimàirt 's dragh gum faodadh craobhan daraich a bhith air an leagail mar phàirt den obair airson an A96 agus an A9 a cheangal ri chèile air taobh sear a' bhaile.

Chaidh a' choinneamh a chur air dòigh le dà chomhairle coimhearsnachd a tha draghail gun tèid na craobhan - air Rathad Caulfield North ann an Cradlehall - a leagail.

Thuirt Còmhdhail Alba gun deach beachdan iarraidh air sia diofar roghainnean airson an rathaid, agus gu bheil iad fhathast a' coimhead riutha sin.

Feumaidh daoine a th' airson beachdan a chur thuca sin a dhèanamh ron 7mh là den Dàmhair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile