Co-dhùnadh ga chur dheth

Cha tèid co-dhùnadh a ruighinn Dimairt air am bu chòir cead aoigheachd a thoirt do Phàirce Fiadh-Bheatha an Eilein Duibh.

Chaill a' phaìrce an inbhe sù aca as t-samhradh agus dragh ann mu shlàinte nam beathaichean.

Bhiodh cead aoigheachd a' ciallachadh gum b' urrainn dhaibh an t-àite a chumail fosgailte mar thuathanas.

Thèid a' chùis a dheasbad air a' chiad là den t-Samhain agus, anns an eadar-ama, thèid feuchainn ri dèiligeadh ris na trioblaidean a th' aig a' phàirce.