Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Not

Thuit luach an Not airson an dàrna là sreath a chèile, 's e a-nis aig an ìre as ìsle an coimeas ris an Dolar bho 1985. Tha dragh ann nach bi na tha sin de chothrom aig Breatainn air a' mhargaid shingilte nuair a dh'fhàgas an dùthaich an EU, agus tha dùil gur e sin a tha air uiread de bhuaidh a thoirt air luach an Not. Thug crìonadh an Not piseach air na margaidean, ge-tà.

Prìosan Dhùn Phris

Fhuair sgrùdadh gun do dh'fhailich air luchd-obrach aig Prìosan Dhùn Phris deuchainn ECG a dhèanamh air prìosanach a bha a' fulang le pian na bhroilleach. Cha b' urrainn dhaibh a dhèanamh bho nach robh pàipear anns an inneal, a chuireadh iad an uair sin air facs gu dotair. Bha pàipear ann am preas, ach cha b' urrainn dhaibh sin fhaighinn ri linn 's gun robh an neach aig an robh iuchair a' phris air saor-làthaichean. Bhàsaich am prìosanach, Anndra Hamilton, 27, an aon là.

SOS NHS

Thuirt a' bhuidheann-iomairt SOS NHS gun cùm iad orra leis an t-strì gus sgrùdadh neo-eisimeileach fhaighinn a-steach gu ath-dhealbhachadh seirbheisean Ospadal an Eilein Sgitheanaich. Bha seo às dèidh mar a thuirt Comataidh nan Athchuingean Poblach aig Pàrlamaid na h-Alba gun iarr iad air an Riaghaltas beachdachadh air panail sgrùdaidh neo-eisimeileach a stèidheachadh. Ach tha dragh air luchd-iomairt gun deach gearradh air ais air seirbheisean ann an ceann a tuath an eilein mu thràth.

Seirbheis-adhair

Tha comhairlichean an Eilein Sgitheanaich 's Ratharsair air an taic a chur ri aithisg mu sheirbheis-adhair ath-stèidheachadh eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu. A rèir na h-aithisg, ghabhadh seirbheis-adhair a stèidheachadh taobh a-staigh dà bhliadhna. Tha an aithisg sgrùdaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd ag ràdh gum faodadh buannachd eaconamach a bhith fada nas àirde na cosgais na seirbheis thar 30 bliadhna.

Pàirc-bheathaichean

Cha tèid co-dhùnadh a ruighinn an-diugh am bu chòir cead aoigheachd a thoirt do phàirc-bheathaichean an Eilein Duibh. Chaill iad an inbhe sù aca as t-samhradh agus dragh ann mu shlàinte nam beathaichean. Bhiodh cead aoigheachd a' ciallachadh gum b' urrainn dhaibh an t-àite a chumail fosgailte mar thuathanas.

Hurricane Mathew

Tha co-dhiù aon duine an dèidh a bhith air am marbhadh ann an Haiti, 's Hurricane Mathew air an dùthaich a bhualadh. Tha dùil gur e seo an stoirm as miosa a bhios ann an Haiti airson naoi bliadhna. Tha tuiltean air buaidh a thoirt air taighean mar thà, agus tha daoine air an dealan a chall. Cuideachd, thàinig air na mìltean an dachannan fhàgail.