Oidhirp an Transocean Winner a ghluasad

An Transocean Winner agus bàtaichean-slaodaidh sa Loch a Tuath

Nithear obair-ullachaidh Diciadain airson an clàr-ola, an Transocean Winner, a chur air bòrd an t-soithich shònraichte, an Hawk, airson a thoirt air falbh à Leòdhas.

Thathas an dòchas an clàr a chur air bòrd an Hawk Diardaoin no Dihaoine.

Tha an clàr air a bhith aig acair san Loch a Tuath an dèidh dha a dhol air na creagan air taobh siar an eilein san Lùnastal.

Rinnear oidhirpean roimhe an clàr fhaighinn air a' bhàta, ach chuir an t-sìde maill air cùisean.

Tha coltas math gu leòr air an aimsir thar nan làithean ri thighinn.

Thèid na h-acairean a thoirt air falbh madainn Diciadain, agus tha dùil gum bi an clàr deiseil airson a ghluasad a dh'ionnsaigh an Hawk aig glasadh an là Diardaoin.

Mura soirbhich leis an iomairt, feumaidh iad soitheach eile a thoirt a-steach, leis gun tig cùmhnant an Hawk gu crìch Diciadain 10mh an Damhair.

Cha ruigeadh an soitheach sin Leòdhas gu nas fhaide den mhìos.

"Tha cothroman sìde airson seo a dhèanamh a' fàs gann a-niste," thuirt riochdaire na Stàite a tha an urra ris an obair, Uisdean Seathach.

"Ged a tha sinn a' beachdachadh air làraichean eile far an gabhadh a chur air bòrd soithich, tha dlùthachadh a' Gheamhraidh ga dhèanamh nas ao-coltaiche gun soirbhich le iomairt sam bith.

"Ri linn sin, dh'iarr sinn air Transocean coimhead ri planaichean eile, leithid a bhith a' cumail a' chlàr anns an Loch a Tuath thar a' Gheamhraidh ma bhios sin a dhìth.

"An-dràsta ge-tà, tha mi fhathast dòchasach gun dèan na làithean ri thighinn a' chùis."

Tuilleadh air an sgeulachd seo