Pròiseactan luach £48m gan cur air adhart

Caisteal Inbhir Nis Image copyright Geograph Rob Farrow

Chuirear pròiseactan luach £48m air adhart airson maoineachaidh fo sgeama Aonta Baile Inbhir Nis agus na Sgìre.

Chaidh planaichean gnothachais a dhèanamh airson còig sgeamaichean a tha a' sireadh airgid-thasgaidh

Chaidh an t-aonta, anns a bheil luach £315m, a dhearbhadh le riaghaltasan na h-Alba agus na Rìoghachd Aonaichte anns a' Mhàrt nuair a dh'iarr Comhairle na Gàidhealtachd taic airson sreath phròiseactan.

Tha leasachaidhean còmhdhail, ceangalan didseatach agus acadamaidhean sgilean ùra am measg na th' anns an amharc aig a' Chomhairle.

'S e toiseach-tòiseachaidh a tha sna còig pròiseactan a chuir iad air adhart an-dràsta.

Tha an t-ùghdarras iondail airson Caisteal Inbhir Nis a leasachadh mar ghoireas turasachd.

Tha iad cuideachd ag iarraidh "hub nuadhais" airson a' chinn a tuath agus sgoil slàinte agus cùram sòisealta airson Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean.

Ma gheibh iad airgead airson nam pròiseactan tha ceannard na Comhairle, Màiread NicDhaibhidh, ag ràdh gun dèan iad diofar mòr do dh'eaconamaidh na sgìre.

Tuilleadh air an sgeulachd seo