Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Clàr-ola

Tha obair ullachaidh air tòiseachadh gus an Transocean Winner a chur air bòrd an t-soithich shònraichte an Hawk airson a thoirt air falbh à Leòdhas. Thathas an dòchas a chur air bòrd an Hawk a-màireach no an-earar. Tha an clàr aig acair anns an Loch a Tuath an-dràsta às dèidh dha a dhol air na creagan air taobh siar Leòdhais anns an Lùnastal.

Surjit Singh Chhokar

Chaidh fireannach fhaighinn ciontach airson murt Surjit Singh Chhokar bho chionn 18 bliadhna às dèidh dha nochdadh sa chùirt airson an dàrna turas. Chaidh Ronnie Coulter, 48, à Wishaw, fhaighinn neo-chiontach bho chionn 17 bliadhna. Ach an turas seo, às dèidh cùise a mhair ceithir seachdainean san Àird-Chùirt an Glaschu, chaidh fhaighinn ciontach de mhurt Mhgr Chhokar, 32. Chaidh a mharbhadh ann an Overtown, Lannraig a Tuath. Fhuair an Crùn air cùis eile a dhèanamh às dèidh mar a chaidh an lagh atharrachadh a thaobh daoine a bhith a' nochdadh sa chùirt barrachd air aon turas fon aon chasaid.

Na Tòraidhean

Canaidh Ceannard Albannach nan Tòraidhean an-diugh nach fheumar dìreach gabhail ris gu bheil neo-eismeileachd na h-Alba a' dol a thachairt. Innsidh Ruth Davidson do cho-labhairt nan Tòraidhean gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine airson gluasad air falbh agus air adhart bhon cheist bhun-reachdail sin. Bidh Ruth Davidson a' bruidhinn dìreach air thoiseach air a' Phrìomhaire Theresa May. Dùinidh ise a' cho-labhairt le bhith ag iarraidh air a' phàrtaidh greimeachadh air talamh ùr anns a' mheadhan ann am poilitigs Bhreatannaich. Canaidh i gu bheil i airson 's gum bi na Tòraidhean nam pàrtaidh airson luchd-obrach àbhaistich.

UKIP

Tha buaireadh ann an UKIP às dèidh dhan cheannard ùr aca, Diane James, seasamh sìos dìreach 18 là às dèidh dhi a bhith air a taghadh. Thuirt i nach eil ùghdarras gu leòr aice anns a' phàrtaidh. Dhearbh Nigel Farage gum bi e na cheannard eadar-amail agus gun tòisich am pròiseas gus ceannard ùr fhaighinn.

Ionad Spòrs

Bidh comhairlichean nan Eilean Siar a' beachdachadh air am bu chòir Ionad Spòrs Leòdhais agus na Hearadh a bhith fosgailte Là na Sàbaid. Dh'iarradh buidheann iomairt fhosgladh airson co-dhiù trì uairean de thìde gach Sàbaid airson bliadhna, mar sgeama pìleat. Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil e an urra ri comhairlichean dè mar a bhòtas iad. Bha a' bhuidheann Day One ag ràdh nach robh iad ag iarraidh càil a ràdh aig an ìre seo.