Àrd-Stiùiriche ChalMac a' fàgail a dhreuchd

Fàgaidh Àrd-Stiùiriche ChalMac, Màrtainn Dorchester, a dhreuchd aig deireadh a' Mhàirt an ath-bhliadhna.

Tha seo a' tighinn às dèidh dhan chompanaidh an cùmhnant airson seirbheisean aiseig a' chosta an iar a ghlèidheadh.

Thòisich an cùmhnant ùr, anns a bheil luach £900m, aig toiseach an Dàmhair.

Tha Mgr Dorchester air ceithir bliadhna a chur seachad aig stiùir na companaidh 's tha e ag ràdh, às dèidh dhaibh an cùmhnant sin a ghlèidheadh, gur e "dùbhlan ùr" a tha fa-near dha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile