Deasbad air amaladh bhòrd slàinte

Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Bidh deasbad aig Pàrlamaid na h-Alba Diardaoin mu na tha an dàn do bhùird shlàinte eileanach na h-Alba.

Tha seo a' tighinn is molaidhean ann gum faodadh bùird mar NHS nan Eilean Siar a bhith air an cur còmhla ri feadhainn air Tìr-Mòr.

Tha prògram riaghlaidh an Riaghaltais ag ràdh gun tèid sùil às ùr a thoirt air bùird shlàinte agus an dàimh a th' aca le ùghdarasan ionadail.

Tha seo a' toirt air cuid a bhith a' beachdachadh gum faodadh na bùird as lugha a chur à bith.

Tha an deasbad air cùl-taic thar-phàrtaidh fhaighinn bho Bhuill-Phàrlamaid na Gàidhealtachd 's nan Eilean, a tha ag ràdh gu bheil feumalachdan sònraichte aig sgìrean iomallach a thaobh cùraim shlàinte, agus gu bheil e deatamach gun tèid co-dhùnaidhean a dhèanamh aig ìre ionadail.

Thathas ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba gealladh a thoirt nach tachair dad ri bùird shlàinte nan Eilean Siar, Arcaibh agus Sealtainn.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil ceist sam bith ann mun dealas do na h-eileanan agus gun toir na molaidhean deireannach aire dha na feumalachdan aca.