Transocean Winner air an Hawk

Transocean Winner

Shoirbhich leis an oidhirp clàr-ola an Transocean Winner a thogail air bòrd a' bhàta shònraichte an Hawk, a bhios ga ghiùlain a-mach às an Loch a Tuath ann an Leòdhas chun na Tuirce.

Dh'èirich an Hawk air ais suas, an dèidh dhi a bhith air a cur fon uisge gus an clàr a thogail.

Thathas a-niste a' ceangal a' chlàir ris an deic.

Tha dà mhìos ann bho thàinig an clàr-ola air tìr air taobh siar Leòdhais.

Chuir na suailichean maill air an obair an t-seachdain a chaidh.

Bha am bonn suaile a' fàgail nach robh e furasta, no sàbhailte, an clàr fhaighinn chun a' bhàta.