Iasgair a bha a dhìth air a lorg

Bha sgiobaidhean mhaor-cladaich, bàta-teasairginn agus heileacoptair an sàs ann an iomairt lorg fhaighinn air iasgair a bha a dhìth air Loch Èireasort ann an Leòdhas.

Chaidh na sgiobaidhean a ghairm mu 10:45f oidhche Dhiardaoin leis nach robh an duine air tilleadh gu tìr aig an àm a bha dùil.

Thathas a' tuigsinn gun robh duilgheadasan aige le einnsean a' bhàta, ach fhuair am fireannach air faighinn air ais gu tìr far an d' fhuairear lorg air mu thrì uairean de thìde às dèidh dha na buidhnean teasairginn a bhith air an gairm.

Thugar gu Ospadal nan Eilean e, agus chaidh aithris gun robh e "slàn agus sàbhailte".

Bha bàta-teasairginn Steòrnabhaigh, sgiobaidhean mhaor-cladaich Chinn a Deas nan Loch, Steòrnabhaigh, an Tairbeairt agus Bhrèascleit uile an sàs san iomairt lorg fhaighinn air an duine.

Thuirt fear-labhairt bho na maoir-chladaich gum faodadh gun robh cùisean air a bhith gu math eadar-dhealaichte agus chomhairlich e do dhaoine a tha a' dol gu muir dèanamh cinnteach gu bheil uidheamachd iùil agus conaltraidh freagarrach aca.

"Tha sinn a' moladh, nuair a ghabhas e a bhith air a dhèanamh, gum bi uidheamachd rèideo VHF DSC air a h-uile bàta.

"'S urrainn sin rabhadh a sgaoileadh, agus ma tha e ceangailte ri CPS, 's urrainn dha innse dha na maoir-chladaich gu mionaideach càite a bheil iad le a bhith a' brùthadh aon phutain a-mhàin," thuirt e.