Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hurricane Mata

Ruigidh Hurricane Mata costa nan Stàitean Aonaichte a dh'aithghearr an dèidh mar a rinn i sgrios ann an Haiti. Tha e air a dhearbhadh gun deach co-dhiù 300 neach a mharbhadh an sin, ged a tha dùil gun èirich an àireamh sin cuideachd. Chaidh impidh a chur air faisg air trì millean neach a tha a' fuireach ann am Florida agus anns na stàitean mun cuairt teicheadh à sgìrean air a' chosta.

An Not

Thuirt Banca Shasainn gu bheil iad a' rannsachadh carson a chaidh luach an Not sìos gu h-aithghearr air margaidhean Àisianach tron oidhche. Aig aon àm bha an Not sìos 10% air an Dolar. Tha beachd ann gur e mearachd le coimpiutair a dh'adhbharaich na thachair.

UKIP

Thuirt am pàrtaidh UKIP gu bheil iad a' rannsachadh a' bhuairidh eadar buill na Pàrlamaid Eòrpaich an-dè ann an Strasbourg. Dh'innis am ball Steven Woolfe, a tha a' seasamh airson ceannas a' phàrtaidh, gun deach a dhochann le ball eile Mike Hookem 's chaidh e na laigse greiseag an dèidh sin. Chaidh Mgr Woolfe a ghluasad gu uàrd sònraichte a tha a' dèiligeadh le trioblaidean eanchainne agus eile aig an ospadal, agus tha dùil ri brath bho Mhgr Hookem nas fhaide den là.

Na Làbaraich

Chaidh sgioba Jeremy Corbyn às àicheadh chasaidean gu bheil an crathadh a thug e air a' chaibineat dhùbhlanach air a bhith na bhuille do dh'oidhirpean gus am Pàrtaidh Làbarach aontachadh. Chuir e dithis a chuir taic ris ann an àrd-dhreuchdan, a' Bhean-Uasal Chakrabarti agus Diane Abbott nam measg. Ach 's e mar a chaidh Rosie Winterton a chur a-mach às a dreuchd mar àrd-chuip a tha air an fhearg a chur air cuid.

Clàr-ola

Thòisich obair gus an clàr-ola Transocean Winner a cheangal chun an t-soithich mhòir an Hawk, a bheir a-null i dhan Tuirc. Thug an aimsir fhàbharach an-dè cothrom dhan luchd-salbhaidh a togail air bòrd 's bheir e là no dhà dhaibh a dèanamh deiseil airson na slighe. Tha dà mhìos ann a-nis bho thàinig an clàr-ola air tìr air taobh siar Leòdhais.

Ryanair

Chaidh ceathrar luchd-siubhail a chur an grèim leis na Poilis anns an Spàinn an dèidh ùpraid air itealan leis a' chompanaidh Ryanair a bha a' sgeith eadar Dùn Èideann agus Alicante. Thuirt Ryanair gun deach na fir a thoirt far a' phlèana nuair a ràinig i an Spàinn le Poilis na dùthcha ged nach robh maill sam bith air an itealan air neo luchd-siubhail eile.

Nobel

Chaidh duais sìth Nobel a bhuileachadh air Ceann-Suidhe Cholumbia airson na tha e air a dhèanamh ann an iomairt stad a chur air cogadh sìobhalta san dùthaich. Chaidh moladh a dhèanamh air Juan Manuel Santos airson mar a thàinig e gu aonta le reubaltaich na buidhne FARC, ged a tha an t-aonta sin a-nis air tuiteam às a chèile.