Dragh mu ospadal Bharraigh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh air Comhairliche Bharraigh mun dàil ann an ospadal ùr an eilein

7 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha gearainean às ùr air nochdadh mun dàil ann a bhith a' gluasad air adhart le ospadal ùr ann am Barraigh.

Tha grunn bhliadhnaichean ann a-nis bho thuirt Riaghaltas na h-Alba nach robh an goireas a th' ann an-dràsta idir freagarrach.

Ach, a dh'aindeoin sin - agus an t-airgead air a chuir ma seach son togalach ùir - thathas fhathast a' feitheamh ris.

Tha an comhairliche Dòmhnall Manford a-nis ag iarraidh mìneachadh air carson a tha uidhir de dhàil air a bhith ann.

Tha Murray MacLeòid ag aithris...