Sreapadair air bàsachadh air Beinn Nibheis

Beinn Nibheis Image copyright Thinkstock

Bhàsaich fireannach an dèidh dha tuiteam 's e a' sreap air taobh a tuath Beinn Nibheis Dihaoine.

Cha deach an duine, a bha sna 50an, ainmeachadh fhathast.

Chuir a charaid sreapa fios air an seirbheisean èiginn mu 6:00f Dihaoine, agus chaidh buill de sgiobannan teasairginn Loch Abair agus Feachd an Adhair chun na làraich.

Chaidh an duine, a charaid sreapa nach robh air a ghoirteachadh, agus buill nan sgiobannan teasairginn a thogail ann an heileacoptair mu 02:00m Disathairne.

Thuirt labhraiche do Phoileas Alba: "Gu mì-fhortannach bhàsaich an duine, a bha sna 50an aige agus a bhuineadh do phàirt eile den dùthaich, air dha a bhith air a ghoirteachadh.

"Tha oifigearan a' bruidhinn ris a theaghlach, agus thèid tuilleadh fiosrachaidh a sgaoileadh fhathast.

"Thathas a' toirt taing do bhuill nan sgiobannan teasairginn airson an cuid oidhirpean treuna tron iomairt, a chaidh a dhèanamh ann an suidheachadh doirbh san dorchadas."