Iarrtas son an Ceannadach a chur às a dhreuchd

Dh'iarr Caidreachas Croitearachd na h-Alba air Rùnaire na h-Eaconamaidh Dùthchail Fearghas Ewing Fear-gairm Choimisean na Croitearachd a chur às a dhreuchd.

Tha seo às dèidh do Chailean Ceannadach innse dhan a' BhBC nach seas e sìos agus nach d'rinn e sian ceàrr.

A-rèir Caidreachas Croitearachd na h-Alba tha na briatharan as ùra aig Cailean Ceannadach a' sealltainn an dearbh fheum a th'ann toirt air seasamh sìos.

Tha iad ag radh gu bheil Mgr Ceannadach air obair riaghlaidh croitearachd a nàrachadhagus gum feum Fearghas Ewing a chur às a dhreuchd cho luath sa ghabhas.

Caitheamh

Thuirt catharaiche a' chaidreachais Fiona Mandeville gu bheil am buaireadh air airgead is ùine gun chiall a cheitheamh is gum feum e stad.

Aig a cheart àm dhearbh Mgr Ewing nach eil ach trian de thalamh ionaltraidh air a bhith air a chlàradh a dh'aindeoin airgid a thug an riaghaltas don choimisean bho chionn 4 bliadhna an talamh gu lèir a chlàradh ro deireadh 2016.

Tuilleadh air an sgeulachd seo