Bhidio ùr aig Danaidh MacAsgaill 'air chuairt bhig'

Danaidh MacAsgaill agus athair Image copyright Dave Mackison
Image caption Danaidh MacAsgaill a' nochdadh còmhla ri athair san fhiolm ùr.

Tha am fear-baidhsagail Sgitheanach Danaidh MacAsgaill air tilleadh a dh'Alba son an fhiolm as ùire aige.

Tha an Wee Day Out a' tòiseachadh ann an Gleann Fhionnainn, air an loidhne rèile eadar an Gearasdan is Malaig.

Bidh Danaidh a' leum far dhrochaidean, a' siubhail air bèile feòir agus a' dol fon uisge.

Tha athair Dhanaidh, Peadar MacAsgaill cuideachd a' nochdadh mar charactar ann an fhiolm.

Ann an agallamh leis a' BhBC san Lùnastal, thuirt am fear baidhsagail gun robh air mìosan a chur seachad ag ullachadh son na bhidio ùir.

Chaidh am fiolm The Ridge a chlàradh air a' Chuiltheann ann an 2014 agus chaidh a chluich còrr is 45m turas bhon a chaidh a sgoileadh.