Slighe dhan Steall Bhàn dùinte fhathast

Steall gorge Image copyright Urras Iain Mhuir
Image caption Bidh mòran a' tadhail air an sgìre àlainn seo.

B'fheudar an t-slighe dhan Steall Bhàn ann an Gleann Nibheis a dhùnadh às dèidh maoim-slèibhe far an do thuit creagan is pìosan chraobhan air ceum-coiseachd anns an t-Sultain.

'S e Urras Iain Mhuir a tha coimhead às dèidh na sgìre, agus tha iad air companaidh fhastadh son an sprùilleach a thoirt air falbh bho na leacain timcheall.

Chur an t-Urras soidhnichean suas anns an sgìre ag innse gu bheil an obair seo a' dol air adhart 's gum bu chòir daoine an t-àite a sheachnadh leis gu bheil cunnart ann gun tuit sprùilleach a bharrachd.

£30,000

Aon uair's gu bheil sin deanta, thèid companaidh eile an sàs airson obair-càraidh a dhèanamh air an t-slighe fhèin.

Cosgaidh an obair £30,000 uile gu lèir 's thug an t-Urras taing dhan fheadhain a thug seachad airgead son a leithid.

Tha dùil gum bi an obair deiseil aig deireadh an Damhair.