Clàr a' faighinn cead falbh

An Transocean Winner air bòrd an Hawk
Image caption Chaidh cead a thoirt seachad Dihaoine son an Transocean Winner a thoirt dhan Tuirc.

Fhuair am bàta mòr an Hawk, air a bheil an clàr-ola Transocean Winner a' suidhe, cead an Loch a Tuath ann an Leòdhas fhàgail agus dèanamh air an Tuirc.

Chaidh pàipearan ceadachaidh fhaighinn às an Tuirc feasgar Dihaoine.

Chaidh cead a thoirt seachad cuideachd le Riochdaire an Riaghaltais - Ùisdean Seathach - gus an Loch a Tuath fhàgail.

Tha duil gun toir e 9 làithean mus ruig i Malta agus thèid a toirt an uair sin dhan Tuirc,