Streapadair a bhàsaich air ainmeachadh

Friseal Caimbeul Image copyright An teaghlach aig Friseal Caimbeul
Image caption Thuirt an teaghlach aig Friseal Caimbeul gun robh e garbh measail air streap.

Chaidh an streapadair a bhàsaich às dèidh dha tuiteam air Beinn Nibheis ainmeachadh mar Friseal Caimbeul, à Siorrachd Chach Mhannainn.

Chaidh Mgr Caimbeul, 52, a rugadh an Glaschu, a leòn Dihaoine nuair a bha e a' streap còmhla ri fireannach eile.

Às dèidh iomairt theasairginn dhuilich, chaidh a thogail dhan ospadal aig 02:00m Disathairne, ach bhàsaich e.

Thuirt an teaghlach gur e "athair mìorbhaileach" a bh' ann 's gur e duine "carthannach agus dealasach" a bh' ann.