Manaidsear na mìos do Foran

Richie Foran
Image caption Tha Caley Thistle air a dhol còig geamannan gun call anns an lìog fo stiùir Richie Foran, a thòisich anns an dreuchd as t-samhradh.

Choisinn Richie Foran bho Chaley Thistle Inbhir Nis duais manaidsear na mìos airson na Sultaine.

Às dèidh toiseach tòiseachaidh gu math duilich air an t-seusan seo anns an lìog, bha sreath de gheamannan math aca.

Chan eil iad air call anns na còig geamannan mu dheireadh.

Anns an t-Sultain, thàinig ICT air falbh bho Phittodrie le puing, bha iad co-ionnan le Celtic an Inbhir Nis agus rinn iad a' chùis air Dùn Dè 3-1 aig an taigh.

Tha iad anns an ochdamh àite anns an lìog a-nis is iad a' dol a chluich Rangers aig an taigh Oidhche Haoine.

Ghabh Richie Foran a-null na mhanaidsear aig Caley Thistle Inbhir Nis às dèidh do dh'Iain Hughes fàgail.

Bha an t-Èireannach, 36, roimh na chluicheadair - agus na sgiobair - aig Caley Thistle.

Dh'innis e gun robh e a' dol a sgur a chluiche as t-samhradh.

Bha e a' cluiche do ghrunn sgiobannan eile mu deach e a dh'Inbhir Nis, nam measg, Tobar na Màthar.