Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

SNP

Chaidh ceannard an SNP aig Westminster, Aonghas Robasdan, a thaghadh mar leas-cheannard a' phàrtaidh aig an co-labhairt ann an Glaschu. Fhuair e 52.2% den bhòt. Tha Mgr Robasdan a' dol an àite Stiùbhairt Hosie, a leig dheth a dhreuchd.

Cuideachd aig a' cho-labhairt an-diugh tha am Prìomh Mhinistear a' bruidhinn an-dràsta agus i a' toirt gealltanais gun dèan an SNP strì an aghaidh phlanaichean gus an Rìoghachd Aonaichte a thoirt a-mach às a' mhargaidh shingilte. Fàgaidh Nicola Sturgeon air na Tòraidhean air an làimh dheis gu bheil iad a' feuchainn ri brath a ghabhail air buil an referendum.

Brexit

Tòisichidh cùis-lagha san Àrd-Chùirt ann an Lunnainn an-diugh a tha, a rèir feadhainn, am measg nan cùisean as cudromaiche a thaobh reachdas na dùthcha ann an ginealaichean. Tha an tè-ghnothachais Gina Miller, a bhòt airson fuireach anns an Aonadh Eòrpach, ag iarraidh breithneachadh fhaighinn feuch am feum Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte aonta fhaighinn bhon Phàrlamaid mus cuir iad Artagail 50 an sàs gus Breatainn a tharraing a-mach às an EU.

Tesco

Tha còmhstri eadar Tesco agus a' chompanaidh Unilever a' fàgail sgeilfichean Tesco gann den uabhas den stuth as cumanta a bhios daoine a' ceannach - rudan leithid Marmite agus Persil. Tha seo às dèidh do Unilever prìsean a chur suas orra 10%. Nam measg tha cuideachd mayonnaise Hellmann's, siabann Dove agus reòiteag Ben & Jerry's. Tha Unilever a' coireachadh luach an Not airson an àrdachaidh.

Jaber al-Bakr

Chuir fògarrach Sirianach a bha fo amharas a bhith ag ullachadh ionnsaigh bhomba a thoirt air port-adhair ann am Berlin làmh na bheatha fhèin. Fhuair ùghdarrasan sa phrìosan ann an Leipzig Jaber al-Bakr air a chrochadh sa chill aige, dìreach dà là bho chaidh a chur an grèim aig na Poilis.

Clàr-ola

Tha clàr-ola an Transocean Winner fhathast a' feitheamh sna h-Eileanan Siar agus iad fhathast a' feitheamh air cead fhaighinn on Tuirc a dhol a-steach dhan uisge aca. Feumaidh iad cuideachd sùil gheur a chumail air an t-sìde a tha thuige seo air a bhith an ìre mhath fàbharach.

Dòmhnall Trump

Tha grunn bhoireannach air tighinn air adhart le casaidean gun do chuir Dòmhnall Trump làmhan orra ann an dòighean mì-iomchaidh. Thuirt aon tè gun do chuir e làmh suas an sgiort aice agus tè eile gun do phòg e i an aghaidh a toil. Thuirt fear-labhairt Mhgr Trump nach eil anns na casaidean ach breugan.

Bàt'-aiginn

Cho-dhùin rannsachadh gun do chuir criutha bàt'-aiginn leis a' Chabhlach Rìoghail criutha tràlair ann an Cuan Èireann ann an cunnart sa Ghiblean an-uiridh. Dh'iarr an Cabhlach leisgeul an dèidh dhan bhàt'-aiginn lìon an Karen a ghlacadh agus am bàta a shlaodadh air ais leotha eadar Cinn Tìre agus costa Aontraim. Thuirt an sgiobair nach robh còir aig a' bhàt'-aiginn a bhith san sgìre aig an àm.