Mòd nan Eilean Siar a' fosgladh

Dannsairean Image copyright Am Mòd Nàiseanta Rìoghail

Tòisichidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh oidhche Haoine.

Chaidh am Mòd a chumail anns na h-Eileanan Siar mu dheireadh ann an 2011.

Bidh an còmhlan Dàimh, agus am Mischa Macpherson Trio a' cluiche anns a' chuirm fhosglaidh.

Image copyright Clò Mòr Innse Gall

Bidh cuideachd Còmhlan Pìoba Leòdhais a' gabhail pàirt, agus iad an ceann na Caismeachd Lòchranaich thraidiseanta a bhios a' dol eadar Talla Bhaile Steòrnabhaigh agus Ionad Spòrs Leòdhais, le Cèilidh a' Mhòid an uair sin anns an Lanntair.

Chaidh clò sònraichte a choimiseanadh bho Chlò Mòr Innse Gall ann an Siabost airson Mòd na bliadhna seo a chomharrachadh, le dathan suaicheantas a' Chomuinn Ghàidhealaich na lùib.

Bidh na ciad cho-fharpaisean ciùil ann Disathairne, leis a' phìobaireachd a' gabhail àite ann an Lìonacleit, agus fìdheall, piana agus bogsa ann an Steòrnabhagh.