Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An Dàmhair 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Iain Swinney

Ainmichidh Riaghaltas na h-Alba feasgar gum bi ath-sgrùdadh mòr ann air na cumhachdan a th' aig ùghdarrasan ionadail. Thig an naidheachd ann an òraid bhon Leas-Phrìomh Mhinistear, Iain Swinney, aig co-labhairt an SNP. Tha dùil gun can e gu bheil an Riaghaltas airson barrachd chumhachdan a chur ann an làmhan dhaoine.

Bàs Balaich

Bhàsaich balach beag ceithir mìosan de dh'aois agus tha leanabh eile air a dhroch leòn an dèidh do chù ionnsaigh a thoirt orra ann an Essex. Tha na Poilis a' rannsachadh na cùise. Chaidh an gairm gu taigh ann an Colchester feasgar an-dè.

Ceann-Suidhe Putin

Chuir an Ceann-Suidhe Putin ainm ri lagh a leigeas leis Feachd Adhair na Ruis a chumail ann an Siria gun cheann-ùine. Cumaidh i a' cur taic ri feachdan a' Chinn-Suidhe al-Assad. Ach tha barrachd 's barrachd ìmpidh ga chur air Moscow tarraing às 's cuid a' fàgail eucoirean cogaidh orra airson mar a tha iad a' bomadh baile Aleppo.

Mòd

Fosglaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail anns na h-Eileanan Siar a-nochd. Tòisichidh e le Caismeachd Lòchranach bho Thalla Bhaile Steòrnabhaigh aig 6:30f, a' dol gu Ionad Spòrs Leòdhais. Bidh seirbheis-fosglaidh a' Mhòid fhèin an uair sin anns an Ionad Spòrs, agus bidh Cèilidh a' Mhòid às a dhèidh anns an Lanntair. Bidh na ciad cho-fharpaisean ann a-màireach - na co-fharpaisean ciùil. Bidh a' phìobaireachd ann an Lìonacleit, agus fìdheall, piana agus bogsa ann an Steòrnabhagh.

Bàt'-iasgaich

Chaidh bàt'-iasgaich le dithis air bòrd air na creagan anns an Eilean Sgitheanach. Ghrunndaich i faisg air Eilean Iarmain goirid an dèidh 09:00m. Cha deach duine a ghoirteachadh. Thuirt na Maoir-Chladaich an-ceartuair gu bheil iad an dùil fuireach gus an tig an làn a-steach feasgar airson 's gun seòl i a-mach a-rithist.

Lodainn an Ear

Tha boireannach ann an Lodainn an Ear fo chasaid gun do dh'fheuch i ri dithis oifigearan poilis a mhurt. Chaidh na h-oifigearan a ghairm a-mach feasgar an-dè ann am Blackburn, 's iomagain mu shàbhailteachd dhuine. Chaidh fear de na Poilis a ghoirteachadh an dèidh do Mhini Cooper bualadh ann. Tha am boireannach a tha fo chasaid 46, 's bidh i anns a' chùirt an-diugh.

Sgalpaigh

Tha Stòras Fearainn na h-Alba air £20,000 a chur ri planaichean airson taighean air prìs reusanta ann an Sgalpaigh. Ceannaichidh Urras Cheann a Tuath na Hearadh seann ionad cùraim an eilein bho Chomhairle nan Eilean Siar. Tha iad an dùil dà thaigh a dhèanamh dheth.

Clàr-ola

Tha an clàr-ola Transocean Winner fhathast gun Leòdhas fhàgail, 's i air a bhith a' feitheamh phàipearan oifigeil às an Tuirc a leigeas leatha a dhol dhan dùthaich sin. Chan urrainn dhi an Loch a Tuath fhàgail gus am faigh i an cead sin.