MV Hebrides a' tilleadh gu seirbheis

An MV Hebrides air na creagan Image copyright Tormod MacAsgaill
Image caption Chaidh an MV Hebrides air na creagan ann an Loch nam Madadh air 25mh an t-Sultain.

Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn gun till am bàt-aiseig, an MV Hebrides, gu seirbheis an dèidh dhi a bhith ann an doc tioram ann an Grianaig.

Bhathas a' dèanamh obair càraidh oirre an dèidh dhi a dhol air na creagan ann an Loch nam Madadh san t-Sultain.

Thèid a tilleadh gu slighe Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart Diluain 17mh an Damhair, ma thèid gu math leatha ann an deuchainnean mara Disathairne.

Thèid an MV Clansman, agus MV Lord of the Isles, a th' air a bhith air slighe Ùige, Loch nam Madadh agus an Tairbeart san eadar-ama, a thilleadh dha na slighean àbhaisteach aca.

Cuirear na soithichean air ais air na slighean aca Didòmhnaich, gus cho beag buairidh 's a ghabhas adhbharachadh.

Tha Cal Mac a' comhairleachadh do dhaoine sealltainn air an làraich-lìn aca airson fiosrachadh sam bith mu atharrachaidhean.

Thèid seirbheis Cholbhasa Didòmhnaich atharrachadh gus an tèid i a Cheann na Creige taobh Phort Asgaig ann an Ìle, a' cleachdadh an MV Hebridean Isles, gus leigeil leis an MV Clansman agus an MV Hebrides na puirt àbhaisteach aca a ruighinn.