Tosgaire Gàidhlig na Bliadhna ga ainmeachadh

Chaidh Ailig O'Henley ainmeachadh mar Thosgaire Gàidhlig na Bliadhna aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail anns na h-Eileanan an Iar.

Chaidh an t-urram a bhuileachadh air Mgr O'Henley airson na tha e air a dhèanamh do chraoladh na Gàidhlig.

'S ann mar fhear-naidheachd spòrs as motha a tha daoine eòlach air an-diugh ach 's e cuideachd a' chiad Oifigear Gàidhlig ann am Pàrlamaid na h-Alba eadar 2000 agus 2002.

Tha e air a bhith ag obair do dh'UEFA bho 2004.

"Urram"

Thuirt e gur e fìor urram a bh' ann dha a bhith air a thaghadh mar Thosgaire na Gàidhlig, ged nach robh càil a dhùil aige ris.

Thuirt e gu bheil e gu h-àraidh cudromach gur e luchd-amhairc agus luchd-èisteachd a tha a' cuir luach anns an obair aige.

Thug e taing dhan Chomunn Ghàidhealach agus do Riaghaltas na h-Alba airson an urram a thoirt dha.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile